Chaidh na buinn airson Geamannan nan Eilean fhoillseachadh agus 100 là ann Diardaoin gus an tòisich na farpaisean ann an Arcaibh.
Cuiridh Arcaibh fàilte air lùth-chleasaichean bho 24 eileanan bho air feadh an t-saoghail.
'S e seo am ficheadamh trup a bhios Geamannan nan Eilean air an cumail agus 's e a' chiad turas aca an Arcaibh.
B' e cruth-tìre Arcaibh a bhrosnaich dreach nam bonn, agus tha an neach-dealbhachaidh seudraidh à Arcaibh, Sheila Fleet OBE, gam sponsaireadh.
Chaidh farpais a chur air dòigh ann an 2023 airson na buinn a dhealbhachadh, agus b' e sgeidse de thursachan le Jodie Brown, 23, à Kirkwall, a bhuannaich.
Bidh na geamannan a' dol eadar 12-18 dhen Iuchar agus bidh timcheall air 2,000 farpaiseach ann an Arcaibh is iad gu bhith an sàs ann an dusan spòrs.
Na h-Eileanan Siar
A thaobh nan Eilean Siar, chaidh Kara Hanlon ainmeachadh ann an sgioba snàmh na sgìre airson geamannan Arcaibh.
'S ann aice a tha an àireamh as motha de bhuinn bho aon neach an lùib sgioba WIIGA.
Feumar feitheamh ge-tà gus faicinn an gabh i pàirt anns na geamannan, agus cothrom aice fhathast a bhith aig farpaisean na cruinne ann an Singapore mun aon àm.
Ball-coise
Tha sgioba ball-coise nam fear aig na h-Eileanan Siar an dèidh bhith air ainmeachadh airson Arcaibh cuideachd. Seo e:
Jack MacIllInnein
Eòghann Dòmhnallach
DI MacIllInnein (Sgiobair)
Eachainn Miller (Leas-sgiobair)
AJ MacNeacail
Josh Mac a' Ghobhainn
Calum MacIllInnein
Harry Bray
Raibeart Jones
Luke Moireasdan
Stevie Mutch
Sam MacAoidh
Robbie MacCoinnich
Ros Dòmhnallach
Dom MacAmhlaigh
Mikey Jones
Aonghas Dòmhnallach
Luke MacAoidh
https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/sgeulachdan/c89gvxl93dno