Main content

Briseadh-dùil dha na Sgitheanaich san Òban

Bha droch là aig Camanachd an Eilein Sgitheanaich aig Mossfield Disathairne is iad a' call 4-0 ri Camanachd an Òbain.

Tha seo a' fàgail sgioba an Eilein còmhla ris a' Mhanachainn is Caol Bhòid aig bonn na Prìomh Lìge is iad gun puing a thogail fhathast.

Thuirt manaidsear nan Sgitheanach, Uilleam Dòmhnallach, gun robh grunn chluicheadairean a dhìth orra ach nach robh an sgioba aige math gu leòr air an là.

Ach bha Daniel Camshron bho sgioba an Òbain air a dhòigh is iadsan a-nise san treas àite san lìog.

Anns na geamaichean eile ann am Prìomh Lìog nam fear Disathairne rinn Ceann a' Ghiùthsaich an gnothach 5-2 air Lòbhat le trì tadhail bho Ruairidh MacAnndrais, is 's e 1-0 a bh' ann dhan Ghearasdan an aghaidh na Manachainn.

Tha Ceann a' Ghiùthsaich is an Gearasdan aig mullach na lìge le sia puingean.

Ann an Srath Pheofhair 's e 4-2 a bh' ann do Chabar Fèidh an aghaidh Chaol Bhòid.

Ann am Prìomh Lìog nam ban rinn Bàideanach an gnothach air Gleann Urchadain 5-2 agus 's e 3-2 a bh' ann do Cheann Loch Seile an aghaidh Inbhir Nis.

Chaidh an geama eadar na Sgitheanaich is Loch Abar a chur dheth.

https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/sgeulachdan/cn89d64lqvdo