Chuir mi seachad seachdain ann an Gall-Ghàidhealaibh as t-fhoghar an-uiridh. Chòrd an sgìre rium gu mòr. Mar neach a tha measail air leabhraichean, bha mi airson a dhol a Bhaile na h-Ùige – no Wigtown. Tha am baile beag sin làn bhùthan-leabhraichean.
Ann an tè de na bùthan, cheannaich mi cruinneachadh de sgeulachdan à Gall-Ghàidhealaibh. Tha iad air an sgrìobhadh ann am Beurla ach tha e follaiseach gu bheil seann dualchas Gàidhlig ann an cuid dhiubh.
’S iomadh ainm cinnidh Gàidhealach a th’ anns na sgeulachdan, ged a tha iad eadar-dhealaichte bhon fheadhainn air a’ Ghàidhealtachd fhèin. Ainmean mar McKendrick, McRobert, McNaught agus McClellan. Agus tha tòrr ainmean-àite ann an Gall-Ghàidhealaibh aig a bheil tùs ann an Gàidhlig.
Stob aon sgeul a-mach mar fhear gu math Gàidhealach. ’S e an t-ainm a th’ air ‘Rowan Reek’ – a’ ciallachadh ‘toit na craoibh-chaorainn’. Nì mi ath-innse air an sgeul ann an Gàidhlig.
Bha Dan MacEanraig agus a bhean a’ fuireach ann am baile Sorbie sia mìle deas air Baile na h-Ùige. Bha mac aca air an robh Tòmas – no Tammie – mar ainm. Bha Tòmas ri mì-mhodh agus droch ghiùlan fad na h-ùine. Bha Dan agus a bhean dhen bheachd nach e an gille aca fhèin a bh’ ann, ach tàcharan. Chuir na sìthichean an tàcharan ann an àite an leanaibh aca fhèin.
Bha iad airson comhairle fhaighinn bho neach glic. Chaidh iad a bhruidhinn ri seann bhoireannach air an robh Lucky NicRaibeirt mar ainm. Bha ise a’ fuireach ann am baile beag eile faisg air làimh – Cill Chainneir no, ann am Beurla, Kirkinner.
Dh’aontaich Lucky taic a thoirt dhaibh agus, oidhche a bha seo, chaidh i gu taigh Dan. Bha teine a’ dol ann am meadhan an ùrlair. Chuir an seann bhoireannach stòl air gach taobh dheth agus dh’iarr i air pàrantan a’ ghille suidh’ orra. Chuir i coinneal ann an coinnlear agus las i i. Chuir i ri taobh an teine i agus chuir i clach-nathrach anns a’ chèir. ’S e clach-nathrach clach shònraichte a bh’ air a cleachdadh ann an geasan.
Bha Dan air logaichean de chraobh-chaorainn a ghearradh agus a chur anns an t-seòmar. Chuir Lucky na logaichean air an teine, le ruideil air am muin. Chunnaic Tòmas – no an tàcharan – na bha a’ tachairt agus dh’fheuch e ri teicheadh, ach chùm athair grèim air. Cheangail Lucky làmhan agus casan a’ ghille ri chèile le stiallan de chlò dearg.
Chuir am boireannach an tàcharan air an ruideil gus an robh a sgamhan làn toite. Bha e ag èigheachd agus a’ mionnachadh mar an donas. Ach chùm am boireannach an gille air muin an teine. Mu dheireadh, rinn an toit draoidheil an gnothach air. Dh’fhalbh an gille leis an toit tron t-similear agus chaidh e à fianais.
An uair sin, bha gnogadh air an doras. Dh’fhosgail Lucky an doras agus bha gille beag laghach na sheasamh ann. ‘Is mise Tòmas MacEanraig,’ thuirt e ann an guth beag socair. ‘Am faod mi thighinn a-steach?’