Seirbheis Ghàidhlig còmhla ris an Urr Pòl Moireach, ministear Eaglais Shaor Cheann a' Loch. Gaelic service with Rev Paul Murray, Kinloch Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 119:: 41-42 air fonn St David agus 's e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach-liath ann an Inbhir Nis
Salm 119: 58-60 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall A MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chroisbost
Salm 119: 164-165 air fonn London New agus 's e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Leughadh: Seumas 1: 19 - 27
Ceann-teagaisg: Seumas 1: 22
'S ann à Nis ann an Eilean Leòdhais a tha Pòl agus às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiùireadh gnìomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thill e air ais a Leòdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athar.
Airson iomadach bliadhna bha Pòl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tòiseachadh air cùrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.
Chaidh Mgr Moireach a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Cheann a' Loch ann an 2017.
Tha Pòl pòsta aig Amanda a bhuineas dhan an t-Òb sna Hearadh agus tha ceathrar a theaghlach aca. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, 's caomh le Pòl a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'ùine còmhla ri theaghlach.