Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà. News, chat, sport, music and entertainment.
Tha Diorbhail Wentworth air turas-mara air catamaran a' seòladh eadar An Caribbean agus A' Phortagail. Tha Niall Iain a' bruidhinn rithe is i a' tighinn faisg air costa A' Phortagail.
Tha Michelle NicNeacail a' toirt beachd seachad mun phrògram Tucci in Italy a tha ri fhaicinn air Disney Plus.
Agus tha Ceitlin Lilidh agus Ellen bhon chòmhlan Sian ag innse mun ullachadh a tha iad a' dèanamh is iad gu bhith a' gabhail pàirt ann a rèis maraton Stockholm.