Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Am Blàr sa Chuan Shiar

Cunntasan is cuimhneachain mu bhith sa Chabhlach Mharsanta sa Chuan Shiar tron chogadh. Firsthand s of serving aboard convoy ships in the Atlantic during World War Two.

‘S iomadh seòldair a bha a' treabhadh a' chuain fad bhliadhnaichean gun an dachaigh fhaicinn, gu h-àraid anns a' Chuan Shiar, far na mhair am blàr fad a' chogaidh.
Mar eilean, bha feum aig Breatann air a bhith a' tarraing a-steach biadh, gnothaichean làitheil agus armachd tron chogadh agus b’ ann tarsainn a' Chuain Shiar à Ameireagaidh a bha a' mhor-chuid dhen a sin a' tighinn.

‘S e fairge fosgailte, fiadhaich a th' ann co-dhiù - an dàrna cuan as farsainge san t-saoghal - ach cha b’ e an aimsir a bha na dhragh tron chogadh ach na bataichean-aigeil Gearmailteach a bha a' snàigeadh, nam pailteas, fo uachdar na mara.

Bha na Gearmailtich air a chuir rompha gu feumadh iad mu 150 soitheach a chur fodha gach mìos, airson Breatann a chur air a glùinean. Bha na bataichean-aigeil cho tiugh bhon fhairge, ‘s gu robh e gu dearbha a' dèanamh dragh eiginneach do Churchill a thuirt gur e seo an aon rud a-mhàin a chur gaoir na fheòil.

Bha Tormod Moireasdan, Aonghas MacillÌosa, Dòmhnall Dòmhnallach, Seumas Caimbeul, Calum Mac a' Bhreatnaich agus Aonghas Moireach am measg na bh' ann an Cabhlach Mharsanta Bhreatainn.

Tha am prògram air a lìbhrigeadh le Dòmhnall MacLeòid 's chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2005.

Release date:

30 minutes

On radio

Monday 15:30

Broadcasts

  • Monday 15:30
  • Next Wednesday 20:00
  • Sun 1 Jun 2025 10:00