Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Cò thathar a' tomhais a ghabhas àite am Pàpa Prainnseas agus ciamar a chaidh le taghaidhean eile tro na bliadhnaichean? Who are the frontrunners to succeed Pope Francis?

Tha Càirdinealan bho air feadh an t-saoghail air cruinneachadh anns An Ròimh, gus Pàpa ùr a thaghadh. Tha Ruairidh Alasdair MacIllinnein, a th'air tilleadh as An Ròimh an dèidh bàs am Pàpa Prainnseas, a' toirt sùil air cò thathar a' tomhais a ghabhas àite agus dè mar a chaidh le taghaidhean dhen t-seòrsa seo roimhe.

Tha Ceann-suidhe na Stàitean Aonaichte, Dòmhnall Trump, son Alcatraz ann a San Francisco, fhosgladh as ùr mar phrìosan. Tha corr air 60 bliadhna bhon a chaidh Alcatraz a dhùnadh 's e a-nise na àite do luchd-turais. Tha Maureen NicLeòid, a th' air tadhal air Alcatraz, a' toirt sùil air eachdraidh a phrìosain ainmeil seo.

'Si Aideen O' Malley cèilche na seachdain. Rugadh Aideen ann am Baile Àtha Cliath an Èirinn ach mar a chluinneas sinn, tha i air iomadh slighe a shiubhal bhon uairson , eadar Steòrnabhagh, A' Bhruiseal, An Eadailt, Dùn Èideann agus siorrachd Pheairt.

2 days left to listen

57 minutes

Last on

Wed 7 May 2025 22:25

Broadcasts

  • Wed 7 May 2025 09:00
  • Wed 7 May 2025 22:25